Eachdraidh-beatha
’S e Uibhisteach a th’ ann an Gillebrìde. ’S e am
mac as òige aig Niall Sheonaidh Nèill à Gearraidh
Bhailteas agus Ann Dhòmhnaill Ailean ’Illebhrìde à
Baghasdal. ’S e Gàidhlig a chiad chànan agus cànan an
teaghlaich. B’ e deagh phìobaire a bha na athair agus
bha ceòl, sgeulachdan agus seinn anns an taigh fad an t-siubhail.
Tha Gillebrìde ag obair na neach-teagaisg ann an Oilthigh
Ghlaschu agus na eadar-theangair Gàidhlig a bharrachd a
bhith a’ seinn gu tric aig fèisean agus cèilidhean.
Tha e air seinn agus air seinn a theagasg ann an iomadach
àite ann an Alba, An Roinn Eòrpa agus anns Na Stàitean
Aonaichte.
’S e ‘Air
Fòrladh’ an dàrna clàr aige
Gillebrìde. B’ e ‘Thogainn Ort Fonn!’ a’ chiad
chlàr aige agus tha e cuideachd air seinn air clàran
eile leithid ‘Na Seòid’ còmhla ris a’ chòmhlan
sin agus ‘Home to Argyll’ – cruinneachadh dhe na h-òrain
aig Ethel NicCaluim
Tha pàirt mar bhàrd Chlann Choinnich aig Gillebrìde
anns an t-sreath telebhisean Outlander.
|
|